Home 🎬 Bollywood 🎵 Pakistani 🎤 English Pop

An Eala Bhàn

👤 Éamon Doorley, Muireann Nic Amhlaoibh, Julie Fowlis & Ross Martin 🎼 Dual ⏱️ 4:19
🎵 946 characters
⏱️ 4:19 duration
🆔 ID: 18634024

📜 Lyrics

Gur duilich leam mar tha mi
'S mo chridhe 'n sas aig bron
Bhon an uair a dh'fhag mi
Beanntan ard a' cheo
Gleanntannan a'mhanrain
Nan loch, nam bagh 's nan srom
'S an eala bhan tha tamh ann
Gach la air 'm bheil mi 'n toir.

A Mhagaidh na bi tursach
A ruin, ged gheibhinn bas
Co am fear am measg an t-sluaigh
A mhaireas buan gu brath?
Chan eil sinn uile ach air chuairt
Mar dhithein buaile fas
Bheir siantannan na blianna sios
'S nach tog a' ghrian an aird.

Air m' uilinn anns na truinnsichean
Tha m' inntinn ort, a ghraidh;
Nam chadal bidh mi a' bruadar ort
Cha dualach dhomh bhith slan;
Tha m' aigne air a lionadh
Le cianalas cho lan
'S a'ghruag a dh'fhas cho ruadh orm
A nis air thuar bhith ban

Oidhche mhath leat fhein, a ruin
Nad leabaidh chubhraidh bhlath;
Cadal samhach air a chul
Do dhusgadh sunndach slan
Tha mise 'n seo 's an truinnsidh fhuar
'S nam chluasan fuaim bhais
Gun duil ri faighinn as le buaidh
Tha 'n cuan cho buan ri shnamh.

⭐ Rate These Lyrics

Average: 0.0/5 • 0 ratings