Home 🎬 Bollywood 🎵 Pakistani 🎤 English Pop

Mo Dhòmhnallan Fhèin

👤 Julie Fowlis 🎼 Cuilidh ⏱️ 3:57
🎵 1049 characters
⏱️ 3:57 duration
🆔 ID: 6257868

📜 Lyrics

Nuair chruinnicheas an òigridh
Gu mire 's gu sòlas
Bidh mise nam ònar
An seòmar gun ghleus
A' cuimhneachadh a chòmhraidh
A' fhleasgaich a leòn mi
'S an gaol a' thug mi òg
Do mo Dhòmhnallan fhèin

Bidh m' athair 's mo mhàthair
Ri gearain 's ri cnàmhan
A' cantainn nach fheàrr mi
Na pàiste gun chèill
Mo ghaol thoirt a dh'òigfhear
Bhios daonnan a' seòladh
'S a sgaoileas a stòras
Gun ghò ris gach tè

Nuair thachradh an còmhlan
Sa chlachan Didòmhnaich
Nam measg cha robh òigfhear
Cho còmhnard na cheum
Cho beusail na chòmhradh
'S cho fearail na dhòighean
Bhiodh sùil aig gach òigh
Air mo Dhòmhnallan fhèin

Tha dualagan bòidheach
Dhed chuailean nam phòca
Do dhealbh air a chòmhdach
Le òr ann an cèis
Do shùilean cho beò leam
Do ghruaidh mar na ròsan
Ag ùrachadh dhòmhsa
Mo Dhòmhnallan fhèin

Tha bliadhn' agus còrr
Bhon a thriall e o eòlas
'S tha ìomhaigh cho beò leam
'S ged sheòladh e 'n-dè
Cha ghèill mi do dh'òigfhear
'S cha chèill mi na bòidean
No 'n gaol a thug mi òg
Do mo Dhòmhnallan fhèin

⏱️ Synced Lyrics

[00:09.02] Nuair chruinnicheas an òigridh
[00:13.23] Gu mire 's gu sòlas
[00:17.59] Bidh mise nam ònar
[00:22.27] An seòmar gun ghleus
[00:27.05] A' cuimhneachadh a chòmhraidh
[00:31.25] A' fhleasgaich a leòn mi
[00:35.81] 'S an gaol a' thug mi òg
[00:39.55] Do mo Dhòmhnallan fhèin
[00:44.91] Bidh m' athair 's mo mhàthair
[00:49.48] Ri gearain 's ri cnàmhan
[00:53.97] A' cantainn nach fheàrr mi
[00:58.49] Na pàiste gun chèill
[01:02.65] Mo ghaol thoirt a dh'òigfhear
[01:07.19] Bhios daonnan a' seòladh
[01:11.63] 'S a sgaoileas a stòras
[01:16.16] Gun ghò ris gach tè
[01:23.06] Nuair thachradh an còmhlan
[01:27.32] Sa chlachan Didòmhnaich
[01:32.05] Nam measg cha robh òigfhear
[01:36.26] Cho còmhnard na cheum
[01:41.03] Cho beusail na chòmhradh
[01:45.59] 'S cho fearail na dhòighean
[01:49.75] Bhiodh sùil aig gach òigh
[01:53.79] Air mo Dhòmhnallan fhèin
[01:59.53]
[02:05.83] Tha dualagan bòidheach
[02:10.14] Dhed chuailean nam phòca
[02:14.69] Do dhealbh air a chòmhdach
[02:19.15] Le òr ann an cèis
[02:23.64] Do shùilean cho beò leam
[02:28.34] Do ghruaidh mar na ròsan
[02:32.88] Ag ùrachadh dhòmhsa
[02:37.15] Mo Dhòmhnallan fhèin
[02:44.06] Tha bliadhn' agus còrr
[02:47.77] Bhon a thriall e o eòlas
[02:53.13] 'S tha ìomhaigh cho beò leam
[02:57.32] 'S ged sheòladh e 'n-dè
[03:01.81] Cha ghèill mi do dh'òigfhear
[03:06.54] 'S cha chèill mi na bòidean
[03:11.06] No 'n gaol a thug mi òg
[03:14.73] Do mo Dhòmhnallan fhèin
[03:21.62]

⭐ Rate These Lyrics

Average: 0.0/5 • 0 ratings