Home 🎬 Bollywood 🎵 Pakistani 🎤 English Pop

Turas San Lochmor

👤 Julie Fowlis 🎼 Cuilidh ⏱️ 4:04
🎵 2235 characters
⏱️ 4:04 duration
🆔 ID: 6257869

📜 Lyrics

An nì a bha nam inntinn gun inns mi dhuibh an rann:
Gu falbhainn dh'aindeoin sìde air sgrìob do thìr nan Gall,
Le baga làn de chearcan agus rudan a bha gann –
Gum bithinn aig Bliadhn' Ùir ann 's gun chùmhnadh air an dram.

Diciadain dh'fhalbh mi casruisgt' le mo bhagaichean nam dhòrn,
A' dol a Loch nam Madadh ghabhail aiseag san Lochmor;
Bha fuachd na mo chasan-sa 's bha sneachd' air bhàrr nan lòn ‑
Cha dìochuimhnich mi 'n t‑allaban cho fad' 's a bhios mi beò.

Nuair ràinig mi a' cheàrdach, àrdach duine chòir
A thug a‑staigh gun dàil mi 's a nochd dhomh càirdeas mòr,
Thug dhomh tì a b' fheàirrde mi ri aghaidh bhlàth an stòbh ‑
Gu seasainn fuachd nuair dh'fhàg sinn le mo chaiseart blàth 's lem chòt'.

Nuair dh'fhalbh an carbad-ola leinn 's ar n‑aghaidh thoir dhan tuath,
Bha sinn greis an Cearsabhagh a' blasad air stuth cruaidh;
Gun tàinig Bean na Maise 's am muir geal oirre mun cuairt,
'S chanainn fhìn gum b' amadan a rachadh innt' air chuan.

Nuair thog i mach gu farsainneachd, 's sinn airsnealach is sgìth,
Nuair thòisich cur na mara oirnn, bu mhath a bhith air tìr;
Bha mise mar bha càch, le spàirn orm a' strì ‑
An drama dh'òl mi 'n Cearsabhagh, bu duilich dhealaich sinn.

On ear‑dheas bha i sèideadh oirnn, gun choltas tighinn na b' fheàrr,
Bha sinn uil', oir b' fheudar dhuinn, nar sìneadh air an làr;
Nuair readh i sìos dhan chlaisidh leinn 's am muir a' sgailceadh àrd,
Bha cùram air gach neach againn nach tilleadh i gu bràth.

B 'e siud an oidhche ànranach a bh' againn anns a' bhàt',
Ach ràinig sinn Loch Baghasdail le dìon an Tì as Àird;
Thug mi leam mo bhagaichean agus thàrr mi às a' bhàt' ‑
Chan fhanainn‑sa na b' fhaid' innte ged rachainn dhan taigh-gheàrd!

Fhuair mi cadal socair ann an dachaigh dhaoine còir,
Aig Maiseig Ruadh, 's mo ghràdh oirre, oir nochd i càirdeas dhòmhs':
Guma fada slàn i, oir 's bàidheil i na dòigh
Gu gabhail ro aon ànranach a dh'fhàgadh an Lochmor.

Mun crìochnaich mi an t-òran seo, gun inns mi dhuibh an còrr:
A‑màireach thill mi dhachaigh agus botal na mo phòc;
Chruinnich sinn na càirdean gu pàrtaidh dhe gach seòrs',
Is cha robh h‑aon a thàinig leinn a chàineadh an Lochmor!

⏱️ Synced Lyrics

[00:05.11] An nì a bha nam inntinn gun inns mi dhuibh an rann:
[00:08.13] Gu falbhainn dh'aindeoin sìde air sgrìob do thìr nan Gall,
[00:13.16] Le baga làn de chearcan agus rudan a bha gann –
[00:17.15] Gum bithinn aig Bliadhn' Ùir ann 's gun chùmhnadh air an dram.
[00:22.25] Diciadain dh'fhalbh mi casruisgt' le mo bhagaichean nam dhòrn,
[00:28.20] A' dol a Loch nam Madadh ghabhail aiseag san Lochmor;
[00:32.26] Bha fuachd na mo chasan-sa 's bha sneachd' air bhàrr nan lòn ‑
[00:36.20] Cha dìochuimhnich mi 'n t‑allaban cho fad' 's a bhios mi beò.
[00:42.29] Nuair ràinig mi a' cheàrdach, àrdach duine chòir
[00:46.26] A thug a‑staigh gun dàil mi 's a nochd dhomh càirdeas mòr,
[00:51.28] Thug dhomh tì a b' fheàirrde mi ri aghaidh bhlàth an stòbh ‑
[00:56.27] Gu seasainn fuachd nuair dh'fhàg sinn le mo chaiseart blàth 's lem chòt'.
[01:01.32] Nuair dh'fhalbh an carbad-ola leinn 's ar n‑aghaidh thoir dhan tuath,
[01:12.32] Bha sinn greis an Cearsabhagh a' blasad air stuth cruaidh;
[01:16.38] Gun tàinig Bean na Maise 's am muir geal oirre mun cuairt,
[01:21.36] 'S chanainn fhìn gum b' amadan a rachadh innt' air chuan.
[01:25.34] Nuair thog i mach gu farsainneachd, 's sinn airsnealach is sgìth,
[01:30.36] Nuair thòisich cur na mara oirnn, bu mhath a bhith air tìr;
[01:35.31] Bha mise mar bha càch, le spàirn orm a' strì ‑
[01:39.46] An drama dh'òl mi 'n Cearsabhagh, bu duilich dhealaich sinn.
[01:44.48] On ear‑dheas bha i sèideadh oirnn, gun choltas tighinn na b' fheàrr,
[01:49.46] Bha sinn uil', oir b' fheudar dhuinn, nar sìneadh air an làr;
[01:53.45] Nuair readh i sìos dhan chlaisidh leinn 's am muir a' sgailceadh àrd,
[01:58.43] Bha cùram air gach neach againn nach tilleadh i gu bràth.
[02:04.44] B 'e siud an oidhche ànranach a bh' againn anns a' bhàt',
[02:39.50] Ach ràinig sinn Loch Baghasdail le dìon an Tì as Àird;
[02:43.58] Thug mi leam mo bhagaichean agus thàrr mi às a' bhàt' ‑
[02:47.54] Chan fhanainn‑sa na b' fhaid' innte ged rachainn dhan taigh-gheàrd!
[02:53.59] Fhuair mi cadal socair ann an dachaigh dhaoine còir,
[02:57.53] Aig Maiseig Ruadh, 's mo ghràdh oirre, oir nochd i càirdeas dhòmhs':
[03:01.58] Guma fada slàn i, oir 's bàidheil i na dòigh
[03:06.51] Gu gabhail ro aon ànranach a dh'fhàgadh an Lochmor.
[03:11.56] Mun crìochnaich mi an t-òran seo, gun inns mi dhuibh an còrr:
[03:16.55] A‑màireach thill mi dhachaigh agus botal na mo phòc;
[03:20.56] Chruinnich sinn na càirdean gu pàrtaidh dhe gach seòrs',
[03:24.52] Is cha robh h‑aon a thàinig leinn a chàineadh an Lochmor!
[03:29.55]

⭐ Rate These Lyrics

Average: 0.0/5 • 0 ratings